Text Only Version

 
Home Page Gaelic Version

Bhon uair a ghabh mi os laimh an dreuchd mar Chathraiche na Buidhne Stiùiridh Naiseanta anns an Damhair 2004, tha mi air taic Riaghaltas na h-Alba don Iomairt ath-dhearbhadh agus tha mi a’ cur fàilte air an taic leantannach bho na ùghdarrasan is buidhnean a tha nar Com-pàirtichean.

Chan eil an Iomairt na program-dearbhaidh nas motha, tha i a-nis na gnothach sar- èifeachdach is steidhichte.   Tha i ag amas air spìonnadh a thoirt dha na atharraichean a tha dhith gus a dhèanamh cinnteach gu bheil an leithid de chothroman aig na coimhearsnachdan as cugallaiche ann an Alba mar a tha aig cach mu thrath airson a dhol an lùib leis an Riaghaltas is buidhnean sa Roinn Phoblach ‘s a dhearbhadh gu bheil seo co-ionnan. Ged tha An Iomairt na program sònraichte is cuimsichte, tha i na pairt de roi-innleachd nas fharsainge aig an Riaghaltas airson leasachadh eacanomach dùthchail ann an Alba gu lèir..

Leis a’ chiad ochd sgìrean  a’ gluasad tro eadar-àma de da bhliadhna chun dol-a-mach agus le deich sgìrean ùra air an dearbhadh a-nis le Inbhe IaaO, ‘s e àm glè shunndach airson na h-Iomairt a th’ ann.

Tha fiughar orm ri co-obrachadh cuide ri ar Com-pàirtichean air a’ Bhuidheann Stiùiridh Naiseanta ann a bhith a’ cuideachadh nan sgìrean ùra a dhol bho neart gu neart, a’ dusgadh fàs eacanomach tearainte is leantannach agus, aig deireadh an là, a’ dèanamh coimhearsnachdan tearainte nas treasa.